<p>Tha an t-eilean làn de sgeulachdan agus tha Tormod gan cluinntinn a h-uile taobh dhan tèid e. Cha ghann nach cluinn e mu na saighdearan Ròmanach, còtaichean seunta, agus mu dhaoine air an toirt a thaobh, air neo am bruid, air sgàth an cuid aineòlas, agus droch rùn chàich.<br><br>Ach, chan e a h-uile càil a tha freagarrach do chluasan òganaich agus cluinnidh Tormod, 's a chluais ri claisneachd, gu leòr a tha ga chur a rannsachadh mu cò a b' ath...